Gaelic remains an important part of Scotland’s cultural identity and, despite a long-term decline in its use, the latest census indicates an increase in the number of people with Gaelic language skills.
However, MG Alba, the Gaelic Media Service that delivers BBC ALBA, has warned that Gaelic broadcasting “faces a time of great jeopardy” due to underfunding of the service and has called for a stronger statutory footing and greater funding stability to secure its future.
This inquiry will explore the value of Gaelic broadcasting for the revival of the Gaelic language and culture. The Committee will examine the statutory and funding issues faced by the industry and will look at how the BBC can better support minority language broadcasting, like Scottish Gaelic.
Read the call for evidence for more details about the inquiry.
The deadline for submissions is 5pm on Friday 31 July 2026.
Craoladh Gàidhlig san àm ri teachd
Rannsachadh
Tha Gàidhlig fhathast na pàirt chudromach de dhearbh-aithne chultarail na h-Alba agus, a dh’aindeoin crìonadh ann an cleachdadh a’ chànain fad ùine mhòr, tha an cunntas-sluaigh as ùire a’ sealltainn àrdachadh ann an àireamh nan daoine aig a bheil sgilean sa Ghàidhlig.
Ach tha MG Alba, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA, air rabhadh a thoirt seachad gu bheil craoladh “ann an cunnart mòr aig an àm seo” mar thoradh air dìth maoineachaidh dhan t-seirbheis agus tha iad air iarraidh gum bi bunait reachdail nas treasa ann agus barrachd seasmhachd a thaobh maoineachaidh gus am bi e seasmhach san àm ri teachd.
Coimheadaidh an rannsachadh air an luach aig craoladh na Gàidhlig airson ath-bheothachadh na Gàidhlig agus a cultair. Nì a’ Chomataidh rannsachadh air na cùisean reachdail is maoineachaidh a tha mu choinneamh a’ ghnìomhachais agus coimheadaidh iad air mar as urrainn dhan BhBC taic nas fheàrr a thoirt do chraoladh ann am mion-chànanan, leithid Gàidhlig na h-Alba.
Leugh an gairm fianais airson barrachd fiosrachaidh mun rannsachadh.
Is e 5f air Dihaoine 31 Iuchar 2026 an latha mu dheireadh airson tagraidhean